The an Dotair air ar freagairt!
Deagh naidheachd, a chàirdean -- chan eil e gu diofar dè an seòladh a bhios Eachain a' cleachdadh... tha Dotair Andy (mar a tha air a-nis seach Anndra) toilichte a phaigheadh co-dhiù! Fhuair e freagairt an-diugh-fhèin -- tha an Dotair còir cho luath ri seabhag!
D W,
West airson taic congratulate you a-rithist air seo buaidh a thoirt as le seòladh puist-d agad. Cha bhi seo a ' gabhail a child'in p, a h-uile thu taic agus a chur a-steach an dèidh na h-gu FedEX Companaidh t get agad gu h-iomlan spòrsail de amas na $ 3,500,000.00 mu thràth a fhuair ann an ATM VILA CAIRT a thèid a lìbhrigeadh gu do dhachaigh gun mearachd no delay ann a bhith a ' lìbhrigeadh your card to your home seòladh bho na molaidhean a tha cumanta.
Thoir an aire gu bheil an eadar-Nàiseanta Molotería spòrsail targaid [IMG] ar organized post-d air feadh an t-saoghail.
An FedEx ag obair ann an companaidh feum air an fhiosrachadh a leanas a tha san iar can begin your shipment sa bhad gu luath gu west dearbhadh an dàta a dhìth.
Tha feum air gus fiosrachadh,
Your full name =============
Your country of origin ========
Your seòladh na dachaigh ==========
Your city ===============
Your dreuchd ============
D agad ==================
Your gender ================
Àireamh-fòn agad ===========
Do lethbhreac dhe do passport / dearbh-aithne ========
Pearsanta agad an seòladh puist-d ======
Nuair a tha sinn far a leanas a dh'iarr thu fiosrachadh agad ATM VILA CAIRT a thèid a chur gu d ' seòladh na dachaigh ann gun errors.
congratulations
As fheàrr a thaobh.
Dr. Andy Mishra
Ach tha draghan fhathast aig Eachain againne, agus chan eil mi a-mach air am mearachd lìtreachaidh a rinn a' registrar aig CnES nuair a lìon e teisteanas-breithe...
Taing a rithist, Anndra;Chan eil mi gu tur cinnteach, ma-tà, ma bhios agam ris an t-seòladh eile a chleachdadh, no am bi e ceart gu leòr an seòladh seo a chleachdadh -- 's e tha am fear eile an seòladh obrach agam, agus tha mi ag obair a-nis ann an gàrradh crann-gaoithe aig Dòmhnall Iain "Bradan" Mac Iain Aonghais 'Ic Alasdair Bhig "Moonshine" 'Ic a' Phearsain. agus nam biodh fios aige gun d' fhuair mi duais den leithid tron Exchange Server aige, bhiodh e ag iarraidh a h-uile sgillin ruadh dha fhèin.Thachair rudeigin a' bhon-uiridh nuair a dh'fhàg Ealasaid "Kayak" Nic Iain Sheumais iPhone ùr air a deasga nuair a chaidh i do Ghlaschu airson turas don fhiaclair agus nuair a thill i dhan eilean, bhiodh Dòmhnall Iain a' cumail a-mach gur e fòn obrach a bh' ann.Tha mi cinnteach gum bi thu a' tuigsinn dè cho cudromach 's a tha e dhomh nach bi an t-airgead air a ghoid le salachair mar DI. 'S dòcha gu bheil thu eòlach air...? Tha e car ainmeil a-measg luchd-na-Gàidhlig -- corragan-làimhe ann an iomadh paidh, mar a chanas iad sa chànan eile... tha fiù 's òrain aig Peat and Diesel ma dheidhinn gu bhith air an ath-chlàradh aca: cò an salachar agus clò mòr air?Cò-dhiù, ma dhearbhas sibh gu soilleir gu bheil an post-D seo freagarrach dhaibh, agus nach bi cnapan-starra ann air sgàth, cuiridh mi na wheels in motion, mar gum biodh.
Taing a-rithist, agus slàn mhath oirbh,
Eachain.
Tha mi 'n dòchas gum bi an Dtr Anndra/Andy a' dèanamh gu leòr gus dearbhadh air Eachain. Biodh buaidh mòr do Sgìre Sgamarstaidh nam biodh an leithid de dh'airgead a' tighinn a-steach.
Comments
Post a Comment