Uill, chan eil an Dotair ceart cho còir a-nise, agus esan ag èigheachd mar a tha e ann an Sgamarstadh a Tuath agus a' bruidhinn ri cuideigin ann an Sgamarstadh a Deas:
HALÒ
gheibh mi gu bheil am post-d agad air a thuigsinn gu math bidh mi a’ faighneachd a bheil ùidh agad do ATM VISA CARD fhaighinn agus mi a’ feitheamh ri do fhreagairt
Le deagh dhùrachd, .
Ach chan eil seo na dragh do Eachain againne. Tha e toilichte gum bi an seòladh aig freagarrach don bhuidheann. Ach tha cnapan-starra eile ann agus feumaidh e dèiligeadh riutha...
Math chluintinn bhuat a-rithist Anndra.Duilich gu bheil mi cho fadalach leis an fhreagairt seo. Là mòr a bh' ann air a' chroit an-diugh. Tha e cho blàth ri teine mònach anns an eilean an-diugh.Ach air cuspair na mòna... nach mi tha toilichte gu bheil toirsginn mo sheanair fhathast agam. Am faca tu prìos dealain am bliadhna??? Eucoir a th' ann, tha mi 'g ràdh riut! Tha dragh mòr air Màiri (Màiri Bhàn Nic Màiri Ruadh Nic Màiri Mhaoil -- an aithne dhuit i?) leis gu bheil i fhathast san taigh-tugaidh a thog a sinn-seanmhair leis an airgead a fhuair i às dèidh a sgàradh posaidh bho Dòmhnall Iain "Bogsaichean" a Blogarstadh, agus mar a bhios fios agad, bha iad car trom air an dealain bhon là a chaidh an togail.Co-dhiù, bha agam dol a-null 's a-nall a' toirt peilichean uisge bho Allt a' Fanaid airson nan caoraich, gus nach biodh iad a' marbhadh leis a' phathadh. Bha feum agam dàrna bearradh a' dhèanamh am bliadhna leis cho blàth agus a tha e an seo. Tha duilgheadasan aig Bessie leis a' mheanbh-chuilleig agus ise gun rùsg, ach fhios 'd -- rocks and hard places, mar a chanas iad sa chànan eile.Niste, bha thu ag iarraidh visa bhuam, seo e.Ò, cha tuirt mi cò a th' ann am Bessie. 'S i an caora-uain as fheàrr againn. An creidseadh tu gum bi i ag àlaich co-dhiù dà uain gach seusan? A bhon-uiridh fhuair sinn ceithir bhuaipe. 'S e mìorbhail a th' innte, tha mi 'g ràdh riut, a Dhotair!Co-dhiù air ais chun a' bhisa agus an ATM.Chan eil ATM ann an Sgamarstadh -- tha mi duilich. Bha mi 'n dòchas gun lorg mi fear, a-rèist ghabh mi cuairt mun cuairt an eilean às dèidh do Bhessie sguir ris a puthadaich.Lorg mi stòpan de leann, putan beag bàn, eun ann an cèidse, dìsenean is tàileasg, searbhadair sìos, siabann is bùrn, ach gu mì-fhòrtanach, chan eil ATM ann am bùth Dòmhnaill 'Ic Leòid.Mura h-urrainn dhomh ATM a lorg, a bheil dòigh eile an airgead fhaighinn bhuaibh?Tapadh leat gu mòr, agus tha mi fìor duilich mun dàil seo.Eachain.
Tha sinn uile an dòchas gu bheil fuasgladh aig an Dotair ghlic -- thuirt Eachain do Mhàiri Bhàin Nic Mhàiri Bhàin Nic Mhàiri Bhàin gun ceannachadh e cuidhle ùr airson a' Mhassey Ferguson aice leis an airgead seo...
Comments
Post a Comment